Ann an Gàidhlig an là an duigh 1986

Idioma: Gàidhlig

Información de Versión

Ann an Gàidhlig an là an diugh 1986 (AGLD)
'S i cànan Ceilteach a tha ann Gàidhlig na h-Alba, le ceangalan ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Mhanainn. Aig aon àm (c. 1000 AD) bhathas ga bruidhinn air feadh Alba, ach tha i air crìonadh gu mòr bhon uairsin agus an-diugh tha mu 60,000 ga bruidhinn — mòran dhiubh anns na h-Eileanan an Iar.

'S ann sa bhliadhna 1767 a chaidh an Tiomnadh Nuadh a chlò-bhualadh an toiseach ann an Gàidhlig na h‑Alba. Bhon àm sin, 's e glè bheag atharrachaidh a chaidh a dhèanamh air a' cheud eadar-theangachadh, agus tha buaidh mhòr air a bhith aige air beatha agus dualchas nan Gàidheal. Anns na 1980an bha pròiseact aig Comunn Bhìoball na h-Alba leis an ainm “Ann an Gàidhlig an là an diugh”. Bha an eadar-theangachadh seo stèidhichte air an treas clò-bhualadh dhen Tiomnadh Nuadh Ghreugach, a bha air fhoillseachadh leis na Comainn-Bhìoball Aonaichte. Dh'fheuch na h‑eadar-theangairean ri stoidhle shìmplidh, shoilleir a thaghadh, agus bha iad an dòchas gum biodh a' chànan furasda a tuigsinn air feadh na Gàidhealtachd. Chaidh eadar-theangachadh de Shoisgeul Mharcuis fhoillseachadh ann an 1980 leis an ainm “An Deagh Sgeul aig Marcus”, agus chaidh an leabhran “Facal as aʼ Phrìosan” — eadar-theangachadh dhen aon seòrsa air cuid de litrichean Phòil — fhoillseachadh ann an 1986. Ann an 2016 bha “An Deagh Sgeul aig Marcus” agus “Facal as a' Phrìosan” air an cur ann an riochd didsiotach airson Comunn Bhìoball na h-Alba, agus bha iad air an cur còmhla bhon ainm “Ann an Gàidhlig an là an diugh” (AGLD).

Cha deach crìoch a chur air a' phròiseact a-riamh, agus ann an 2009 chaidh tòiseachadh air eadar-theagachadh tur ùr den Tiomnadh Nuadh air fad le Comunn Bhìoball na h-Alba, leis an ainm “Eadar-theangachadh Ùr (ATNEÙ)”. 

© Comann Bhìoball na h-Alba 1980, 1986, 2016

Today's Gaelic Version 1986 (TGV)
Scottish Gaelic, also called Scots Gaelic, is one of the Celtic languages, closely related to Irish Gaelic and Manx Gaelic. At one time (c. 1000 AD) it was spoken throughout Scotland, but it has declined steadily since then and today is spoken by about 60,000 people, with the highest concentration of speakers being found in the Hebrides.

The New Testament was first published in Scottish Gaelic in 1767. That original translation changed very little in the following years, and it has had a great deal of influence on the life and culture of the Gael. In the 1980s the Scottish Bible Society had a project called “Ann an Gàidhlig an là an duigh” (Today's Gaelic Version). This was a translation based on the third edition of the Greek New Testament, published by the United Bible Societies. The translators attempted to use a simple, clear style and they hoped the language would be easily understood throughout the Gaeltacht. At first Mark's Gospel was published in 1980 as “An Deagh Sgeul aig Marcus” (Mark's Good News). Then in 1986 a translation of the same style was made of selected Pauline Epistles “Facal as a' Phrìosan” (Notes from a Prison Cell).  In 2016 both “An Deagh Sgeul aig Marcus” and “Facal as a' Phrìosan” were digitised for the Scottish Bible Society, and were combined and called “Ann an Gàidhlig an là an duigh” (Today's Gaelic Version or TGV).

This project was never continued, and in 2009 a fresh new Gaelic translation of the whole New Testament was started by the Scottish Bible Society called “Eadar-theangachadh Ùr” (New Gaelic Translation or NGT).

© Scottish Bible Society 1980, 1986, 2016

Información de Derechos de Autor

© Comann Bhìoball na h-Alba 1980, 1986, 2016
© Scottish Bible Society 1980, 1986, 2016