Formulario de búsqueda

Lebhiticus 24

1Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh,

2Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air na lòchrain lasadh an còmhnaidh.

3An taobh a‑muigh de bhrat na Fianais, ann am pàillean a’ choitheanail, òrdaichidh Aaron e o fheasgar gu madainn, an làthair an Tighearna an còmhnaidh: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean.

4Òrdaichidh e na lòchrain air a’ choinnleir fhìorghlan an làthair an Tighearna an còmhnaidh.

5Agus gabhaidh tu flùr mìn, agus fuinidh tu dà‑bhreacaig-dheug dheth: dà dheicheamh earrainn bidh ann an aon bhreacaig.

6Agus suidhichidh tu iad ann an dà shreath, sia ann an sreath, air a’ bhòrd fhìorghlan an làthair an Tighearna.

7Agus cuiridh tu tùis fhìorghlan air gach sreath, a‑chum is gum bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

8Gach aon là sàbaid cuiridh e an òrdagh e an làthair an Tighearna an còmhnaidh, air a ghabhail o chloinn Israeil le coicheangal sìorraidh.

9Agus is le Aaron agus a mhic e, agus ithidh iad e anns an ionad naomh; oir tha e ro‑naomh dha, de thabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, le reachd bithbhuan.

10Agus chaidh mac ban-Israelich, aig an robh Eiphiteach na athair, a‑mach am measg chloinn Israeil: agus bha mac na ban-Israelich agus duine de Israel a’ còmhstri anns a’ champ.

11Agus mhaslaich mac na ban-Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan);

12Agus chuir iad an làimh e, a‑chum gun nochdte dhaibh inntinn an Tighearna.

13Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

14Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e.

15Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ge bè neach a mhallaicheas a Dhia, giùlainidh e a pheacadh.

16Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris-san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e.

17Agus esan a mharbhas duine sam bith, cuirear gun teagamh gu bàs e.

18Agus esan e mharbhas ainmhidh, nì e dìoladh air a shon; ainmhidh airson ainmhidh.

19Agus ma bheir duine ciurram air a choimhearsnach, mar a rinn e, mar sin nìthear air:

20Briseadh airson brisidh, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla: mar a thug e ciurram air duine, mar sin nìthear air.

21Agus esan a mharbhas ainmhidh, dìolaidh e e: agus an neach a mharbhas duine, cuirear gu bàs e.

22Bidh an t‑aon ghnè lagha agaibh cho math airson a’ choigrich, agus air aon neach de mhuinntir ur dùthcha fhèin: oir is mise an Tighearna ur Dia.

23Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh a‑muigh den champ, agus a chlachadh le clachan: agus rinn clann Israeil mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index